Scots Gaelic Bible

Mark 4

Mark

Return to Index

Chapter 5

1

  Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach. 

 


2

  `Sa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan, 

 


3

  Aig an robh a chomhnaidh anns na h-uaighean, `s cha b` urrainn do dhuine sam bith a cheangal a nis, eadhon le slabhruidhean: 

 


4

  Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, `s le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, `s bhruan e na cuibhrichean, agus cha burrainn do dhuine sam bith a cheannsachadh. 

 


5

  Is bha e daonnan a latha sa dh` oidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, ag eigheach, `s ga bhruthadh fhein le clachan. 

 


6

  `Sa faicinn Iosa fad as, ruith e, `s thug e aoradh dha; 

 


7

  `S ag eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi. 

 


8

  Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain. 

 


9

  Agus dh` fhaighnich e dheth: De t-ainm tha ort? Is thuirt e ris: Se Legion m` ainm, oir is moran sinn. 

 


10

  Is ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e. 

 


11

  Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc ag ionaltradh. 

 


12

  Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta, 

 


13

  Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. Thainig na spioraid neoghlan a mach agus chaidh iad a stigh dha na mucan; is chaidh an treud, a bha mu dha mhile, `nan deann-ruith an comhair an cinn dhan mhuir, agus bhathadh sa mhuir iad. 

 


14

  Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, is dh` innis iad e sa bhaile, is feadh na duthcha. Agus chaidh iad a mach a dh` fhaicinn ciod a thachair 

 


15

  Is thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, `na shuidhe agus aodach uime, agus `na lan chiall; is ghabh iad eagal. 

 


16

  Agus dh` innis iadsan, a chunnaic e, dhaibh mar a rinneadh airesan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc. 

 


17

  Agus thoisich iad ri guidhe air, falbh as an criochan. 

 


18

  `S nuair a bha e a dol a stigh dhan bhata, thoisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri guidh` air a leigeil comhla ris: 

 


19

  Ach cha do leig e leis, `s ann a thuirt e ris: Falbh dhachaigh gud chairdean, is innis na rinn an Tighearna dhut, `s mar a ghabh e truas riut. 

 


20

  Is dh` fhalbh e, agus thoisich e ri innse ann an Decapolis na rinn Iosa dha; agus ghabh iad uile ioghnadh. 

 


21

  `S nuair a thill Iosa a rithist chon an taobh eile sa bhata, chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir. 

 


22

  Agus thainig fear de dh` uachdrain an t-sinagoig, dham b` ainm Iairus; `s ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan, 

 


23

  Agus ghuidh` e gu cruaidh air, ag radh: Tha mo nighean ri uchd bais, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, `s gum bi i beo. 

 


24

  Is dh` fhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, is bha iad a domhlachadh mun cuairt air. 

 


25

  Agus boirionnach, air an robh siubhal-fala fad da bhliadhna dhiag, 

 


26

  `S a dh` fhuilig moran bho iomadh lighich, `sa chosg a cuid uile, `s nach deach dad am feobhas, ach an aite sin a dh`fhas nas miosa. 

 


27

  A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh; 

 


28

  Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan. 

 


29

  Is thiormaich san uair a siubhal-fala, agus dh` fhairich i air a coluinn gun robh a h- eucail air a leigheis. 

 


30

  Agus dh` aithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, is thuirt e: Co bhean dham eideadh? 

 


31

  Is thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn domhlachd an t-sluaigh `s an abair thu: Co bhean dhomh? 

 


32

  Agus sheall e mun cuairt a dh` fhaicinn na te a rinn so. 

 


33

  Ach am biorionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh `s air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, is dh` innis i dha an fhirinn gu leir. 

 


34

  Is thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, is bi air do leigheas bho d` eucail. 

 


35

  Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, ag radh: Chaochail do nighean: carson a tha thu cur tuilleadh dragh air a mhaighistir? 

 


36

  Nuair a chuala Iosa an comhradh a bh`aca, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid. 

 


37

  `S cha do leig e le duine sam bith a leantuinn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais. 

 


38

  Is rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chuinnaic e an iomairt, is sluagh a gal, `sa caoidh gu goirt. 

 


39

  `Sa dol a stigh, thuirt e riutha: Carson tha sibh fo bhruaillean, sa gal? chan eil an nighean marbh, ach na cadal. 

 


40

  Is rinn iad gaire fanaid air. Ach chuir esan a mach iad uile, agus thug e leis athair is mathair na h-ighinn, is iadsan a bha comhla ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean `na laidhe. 

 


41

  `Sa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cum, se sin air eadar-theangachadh : A nighean (tha mu ag radh riut), eirich. 

 


42

  Is dh` eirich an nighean san uair, is choisich i, oir bha i da bhliadhna dhiag a dh` aois. Agus b` anabarrach an t-iognadh a ghabh iad. 

 


43

  Is sparr e gu cruaidh orra, gun neach sam bith fios fhaighinn air an so; agus dh` iarr e orra rudeigin a thoirt dhi ri itheadh. 

 


Mark 6

 

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: